Uncategorized

ùrnaigh feasgair #Gaelic

Lukas 1 – 46-55
46Agus thuirt Moire,
“Tha m’ anam ag àrdachadh an Tighearna,
47agus tha mo spiorad a’ dèanamh gàirdeachas ann an Dia mo Shlànaighear:
48oir tha e air sealltainn air staid ìosal a shearbhanta:
oir seall, o seo suas gabhaidh a h‑uile ginealach ‘beannaichte’ orm.
49Oir tha an t‑Aon a tha cumhachdach air rudan mòra a dhèanamh dhomh;
agus is naomh ainm‑san.
50Agus tha a thròcair dhaibhsan dhan eagal e – o ghinealach gu ginealach.
51Nochd e neart le a ghàirdean;
sgap e na h‑uaibhrich ann an smuain an cridhe.
52Tha e air an luchd‑riaghlaidh a thoirt a‑nuas on cathraichean,
agus tha e air iadsan a bha iriosal àrdachadh.
53Lìon e an fheadhainn a bha acrach le rudan matha;
agus na daoine saidhbhir chuir e air falbh falamh.
54Chuidich e a sheirbheiseach Israel gus a thròcair a chuimhneachadh.
55Mar a thuirt e ri ar n‑athraichean, ri Abrahàm agus ri a shliochd gu sìorraidh.”