Learn Gaelic, Uncategorized

Scottish Gaelic Lesson 32, 1 Tesalònianaich 2:13

Just a reminder that you can catch up with all the vocabulary we have covered here on https://www.memrise.com/course/5501759/gaelic-vocabulary/ I have loaded up lots of Gaelic vocabulary.

For those of you who like the Bible texts, you will see that they come from the Liturgy of the Hours of the Catholic Church,

13 Uime sin tha sinne mar an ceudna a’ toirt buidheachais do Dhia gun sgur, do bhrìgh nuair a ghabh sibh ri facal Dhè a chuala sibh uainne, gun do ghabh sibh ris chan ann mar fhacal dhaoine, ach (mar as e gu fìrinneach) facal Dhè, a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annaibhse a tha a’ creidsinn.

Learn Gaelic, Uncategorized

Scottish Gaelic lesson 31 -More tense examples

tha mi trang an dugh /        present

bha mi sgith an dè /             past

bha an duine glè ard /         past

bidh iad uil aig an taigh a-nochd / future tense / they will all be…..

 

Imperfect form

 

bhithinn                                I would be

bhiodh / bhitheadh tu        you would be

bhiodh / bhitheadh e, i       he she  it would be

bhiomaid / bhitheamaid    we would be

 

 

 

 

Learn Gaelic, Uncategorized

Scottish Gaelic Lesson 30 -Ephèsianaich 4 11-14

11Agus thug e dream àraidh gu bhith nan abstoil; dream eile, gu bhith nam fàidhean; agus dream eile, gu bhith nan soisgeulaichean; agus dream eile, gu bhith nan aodhairean, agus nan luchd-teagaisg;
12A‑chum na naoimh a dheasachadh a‑chum obair na ministrealachd, a‑chum togail suas corp Chrìosd:
13Gus an tig sinn uile ann an aonachd a’ chreidimh, agus eòlas Mac Dhè, a‑chum duine iomlain, a‑chum tomhas àirde lànachd Chrìosd:
14‑chum is nach bi sinn à seo suas nar leanaban, air ar tonn-luasgadh, agus air ar giùlan mun cuairt leis gach uile ghaoith teagaisg, le cleasachd dhaoine, agus seòltachd cealgach, leis a bheil iad gu h‑innleachdach ri feall-fhalach a‑chum meallaidh:
Learn Gaelic, Uncategorized

Scottish Gaelic Lesson 28 2 Corintianach 3-4

3Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd;
4A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.
Learn Gaelic, Uncategorized

Gaelic Lesson 27 – Ephesianaich 2: 4-7

4 Ach Dia, a tha saoibhir ann an tròcair, airson a mhòr-ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn,
5Eadhon air dhuinn a bhith marbh ann am peacaidhean, cho-bheothaich e sinn maille ri Crìosd; (le gràs tha sibh air ur tèarnadh;)
6Agus cho-thog, agus cho-shuidhich e sinn ann an ionadan nèamhaidh ann an Iosa Crìosd:
7A‑chum gum foillsicheadh e anns na linntean ri teachd saoibhreas ro‑phailt a ghràis, ann an coibhneas dar taobh-ne, tre Iosa Crìosd.