Gaelic, Uncategorized

Madainn anns na beanntan #Gaelic

Acts14: 1-18
1A‑nis ann an Iconium chaidh iad còmhla a‑steach dhan t‑sionagog Iùdhach agus bhruidhinn iad ann an leithid de dhòigh is gun do chreid àireamh mhòr de dh’Iùdhaich agus de Ghreugaich. 2Ach dhùisg na h‑Iùdhaich eas‑creidmheach suas na Cinnich is phuinnseanaich iad an inntinnean an aghaidh nam bràithrean. 3Mar sin dh’fhan iad an sin airson ùine fhada, a’ bruidhinn gu dàn airson an Tighearna, a thog fianais mu fhacal a ghràis, a’ ceadachadh gun robh comharraidhean is iongantasan air an dèanamh len làmhan. 4Ach bha sluagh a’ bhaile air an roinn; bha cuid dhiubh le na h‑Iùdhaich agus cuid eile le na h‑abstoil. 5Nuair a chuir an dà chuid Cinnich is Iùdhaich – cuide ri na riaghladairean aca – romhpa droch làimhseachadh a dhèanamh orra ‘s an clachadh, 6fhuair iad fios air agus theich iad gu bailtean de Licaonia, Listra is Derbe, agus an dùthaich mun cuairt, 7agus an sin chùm iad orra a’ searmonachadh an t‑soisgeil.
8A‑nis aig Listra bha duine na shuidhe aig nach robh lùths na chasan, na chrioplach o bhroinn a mhàthar, fear nach do choisich riamh. 9Dh’èist e ri Pòl a’ bruidhinn. Agus thuirt Pòl – a’ geur‑amharc air agus a’ faicinn gun robh creideamh aige gus a bhith air a dhèanamh slàn – 10ann an guth àrd, “Seas suas gu dìreach air do chasan!” Agus leum e suas is thòisich e air coiseachd.
11Agus nuair a chunnaic an sluagh an rud a bha Pòl air a dhèanamh, thog iad suas an guth, ag ràdh ann an cànan Licaonia, “Tha na diathan air tighinn a‑nuas thugainn ann an coltas dhaoine!” 12Ghabh iad Seus air Barnabas agus Hermes air Pòl, a chionn ‘s gum b’ esan am prìomh neach‑labhairt. 13Agus thug sagart teampaill Sheuis, a bha taobh a‑muigh a’ bhaile, daimh is cearcaill‑fhlùraichean gu na geatachan agus bha e aig iarraidh ìobairt a dhèanamh cuide ri na slòigh.
14Ach nuair a chuala na h‑abstoil Barnabas is Pòl seo, shrac iad am badan aodaich agus ruith iad a‑mach dhan t‑sluagh, ag èigheach, 15“A dhaoine, carson a tha sibh a’ dèanamh na rudan seo? ‘S e daoine a th’ annainne cuideachd, leis an aon seòrsa nàdar ribhse, agus tha sinn a’ toirt deagh sgeul thugaibhse, gum bu chòir dhuibh tionndadh o na rudan faoine seo chun an Dè bheò, a rinn nèamh is talamh is an cuan agus a h‑uile rud a th’ annta. 16Anns na ginealaich a dh’fhalbh leig e le na nàiseanan uile siubhal nan slighean fhèin. 17A dh’aindeoin sin, cha do dh’fhàg e e fhèin gun fhianais, oir rinn e math le bhith a’ toirt uisge dhuibh o nèamh agus ràithean torrach, a’ sàsachadh ur cridheachan le biadh is aoibhneas.” 18Fiù ‘s le na briathran seo bu ghann a chùm iad an sluagh o ìobairt a thairgsinn dhaibh.

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s