Gaelic, Uncategorized

madainn anns na beanntan #Gaelic #psalms

Psalm 95

1O thigibh, seinneamaid don Tighearna; togamaid iolach do charraig ar slàinte.
2Thigeamaid na fhianais le buidheachas, agus le sailm togamaid ceòl dha gu suilbhireach;
3Oir is Dia mòr ar Tighearna, agus is Rìgh mòr e os cionn nan uile dhiathan.
4Na làimh-san tha doimhneachdan na talmhainn, agus is leis àirde nam beann.
5Is leis an fhairge, oir is e a rinn i, agus dhealbh a làmh an talamh tioram.
6O thigibh, sleuchdamaid, agus cromamaid sìos; tuiteamaid air ar glùinean am fianais an Tighearna a rinn sinn;
7Oir is esan Dia, agus is sinne sluagh a ionaltraidh-san, agus caoraich a làimhe.
8An‑diugh, ma dh’èisdeas sibh ra ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ chonnsachadh, mar ann an là a’ bhuairidh, anns an fhàsach;
9Nuair a bhuair ur n‑athraichean mi, a dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m’obraichean rè dà‑fhichead bliadhna.
10Chuireadh campar orm leis a’ ghinealach ud, agus thubhairt mi, Is sluagh seachranach nan cridhe iad, agus chan aithne dhaibh mo shlighean,
11Don tug mi mo mhionnan am fheirg, nach rachadh iad a‑steach dom fhois.

 

 

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s